Sgeulachd car dòrainneach a bhios ann, ach seo dhuibh sgeulachd bheag. Fadó, fadó, mar a their iad air taobh eile Sruth na Maoile, bha bruadar againn gun dèanamaid dhuinn fhìn cànan coitcheann — auxlang a’ ChBB, a chleachdamaid nuair a bhitheamaid a’ bruidhinn ri chèile air a’ bhòrd. Bha sinn uile, no a’ chuid as motha againn, co-dhiù, gu math òg (nan robh buill na b’ aosta againn, agus feumaidh gun robh, tha mi cinnteach gun robh iad a’ gàireachdainn rinn, taobh a-staigh mura robh taobh a-muigh), agus tha cuimhne agam gun robh mise, co-dhiù, a’ creidsinn an da-rìribh gur ann an airidh a bh am pròiseact, gun cleachdamaid an da-rìribh an cànan seo. Tha gearr-chunntas gràmar a’ chànain agam fhathast air a’ chlàr-chruaidh iomallach agam (tha mi a-muigh bhon taigh an-dràsta fhèin no chuirinn eisimpleir thugaibh) — tha cuimhne agam gun robh e coltach aig ìre eastataigeach ri cànanan Roinn a’ Chuain Shèimh, agus a thaobh gràmair cha chreid mi nach robh sinn a’ coimhead an dà chuid air na cànanan sin fhèin agus air an t-Seapànais. Ma chuireas cuideigin nam chuimhne e nas fhadalaiche, feuchaidh mi ri eisimpleir no dhà a chur an-àirde.
This is going to be kind of a boring story, but here's a short story, anyway. Fadó, fadó, as they say on the other side of Sruth na Maoile, we had a dream that we would make a common language for ourselves — a CBB auxlang, that we would use whenever we were talking to each other on the board. We were all, or the majority of us, at least, pretty young (if we had older members, and surely we did, I'm sure they were laughing at us, internally if not externally), and I remember that I, at least, really believed that this was a worthwhile project, that we would really use this language. I still have a grammar summary of the language on my external hard drive (I'm out of the house at the moment or I'd give you an example) — I remember it was something like Oceanian languages, aesthetically, and as far as its grammar I'm pretty sure we were looking at both those languages and at Japanese. If someone reminds me later, I can try to put an example or two up.